Rudy's Rants

Rudy Ramsey’s Rants and Ravings

You are currently browsing the Gàidhlig category.

Sgeulachd Bheag, Poileataigeach

Chunnaic mi an sgeulachd seo ann an litir “chain” a fhuair mi mar post-dealain (’sa Bheurla) an-uiridh. Smaoinich mi gun robh e gu math èibhinn (ach is docha gu bheil am poileataics agaibh eadar-dhealaichte :-) ). Rinn mi eadar-theangachadh, agus dh’innse mi an sgeulachd aig tachartas Gàidhlig no dhà.

Tha an sgeulachd sgriobhte fon-a-seo, ach nach èisdibh sibh ris an audio an toiseach?

Ruairidh

A Bheil Ceann-Suidhe Bush Ann?

Aon latha, anns a’ bhliadhna 2009, chaidh seann duine chun gheata air beulaibh an Taigh Ghil ann an Washington, D.C. Thuirt e “A bheil Ceann-Suidhe Bush ann? Tha mi ag iarraidh bruidhinn ris.”

Fhreagair an saighdear a bh’aig a’ gheata, “Chan eil e an-seo. Chan eil e ann tuilleadh.”

“Ceart, ma tha”, thuirt an seann duine, agus dh’fhalbh e.

An ath latha, chaidh an aon bhodach chun gheata aig an Taigh Geal, agus dh’fhaighneachd e, “Am faod mi bruidhinn ri Ceann-Suidhe Bush?”

Mar a thachair, bha an aon t-saighdear air a dhleastanas, agus fhreagair e, “Mar a thuirt mi riuibh an-dè, chan eil Maighstir Bush ann. Dh’fhàg e oifis a’ Chinn-Suidhe.”

“OK, ma tha”, thuirt am bodach, agus thug e a chasan leis.

Chaidh an ath latha, agus nach ann an nochd an aon duine aig a gheata, agus thuirt e, “Tha mi ag iarraidh comhradh le Ceann-Suidhe Bush”.

Uill, bha an saighdear a’ fas beagan feargach a-nis. Fhreagair e, “Thuirt mi riuibh ron-a-seo nach eil Maighstir Bush ann. Cha bhi e ann. Chan esan an Ceann-Suidhe tuilleadh, ‘s cha bhith esan a’ suidhe anns an oifis sin gu brath tuilleadh. Nach eil sin soillear dhuibh?”

“O, tha sin gu math soilleir dhomhsa,” thuirt an seann duine, “ach tha e cho math a bhith ga chluinntinn”.

Mar sin, sheas an saighdear direach, rinn e nochdach-urraim, agus thuirt e “Chi mi a-maireach sibh.

 
icon for podpress  A Bheil Ceann-Suidhe Bush Ann?: Play Now | Play in Popup | Download (86)

Posted 2 years, 7 months ago at 10:40 pm.

Add a comment

Mu mo Dheidhinn, ’s mo Bhlog

Is mise Rudy Ramsey. Tha mi a’ fuireach ann am Parker, Colorado, anns na Staitean Aonaichte. Thoisich mi air Gàidhlig ionnsachadh o chionn mu dheich bliadhna. Tha coimhearsnachd bheag de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an-seo, agus innsidh mi dhuibh mu a deidhinn uaireagan.

Thug mise ’s mo bhean turus a dh’Alba dhuinn fhìn ann an 1992, mar thiodhlac airson ar coig-air-fhicheadaimh ceann-latha posaidh. ‘S toil leum a radh gun do thachair mi ri ceòl ceilteach agus uisge-beatha air an turus sin, agus tha fiamh-ghàire air a bhith orm fad na tìde bho’n uair sin, ach chan eil sinn cinnteach de am fear dhiubh as adhbhar dha sin. :-)

Bha mi a’ seinn anns an fhras fad beagan bliadhnaichean, nuair a chur mi romham gun robh an t-àm air tighinn a bhith ga h-ionnsachadh gu fìor. Thoisich mi air leasanan ann an Gàidhlig a’ ghabhail, agus thoisich mi air seinn gu poblach. Cha robh e fada gus an robh mi a’ seinn (gu dona, tha mi cinnteach) ann am farpaisean, cuideachd.

Tha mi air a bhith gu math fortanach leis na tidsearan Gàidhlig agam (innsidh mi dhuibh mun deidhinn uaireigin), agus tha mi “fileanta” a-nis, ged a tha mòran, mòran agam ri ionnsachadh fhathast. Agus bidh mi a’ seinn ann am Mòd na h-Alba am-bliadhna, airson an darna turus. Bhuannaich mi Mòd Ameireagaidh ann an 2005, agus fhuair mi an darna àite ann an dà fharpais aig Mòd na h-Alba an-uiridh. Feuchaidh mi nas cruaidhe am-bliadhna. :-)

Tha mi an sas ann An Comunn Gaidhealach, America. Bidh mi a’ dol chun an deireadh-seachdainn bogaidh aca mar as àbhaist, agus chun a’ Mhòid, agus tha mi nam bhall ùr air bòrd nan stiùirichean. Ged a thoisich mi air Gàidhlig ionnsachadh airson a bhith a’ seinn orain ceilteach, tha i fhèin cudromach dhomh a-nis.

Tha mòran chuspairean eile anns a bheil uidh agam cuideachd, agus chan eil mi airson blog a dheanamh air direach aon dhiubh. Air an adhbhar sin, cuiridh mi “posts” an-seo anns a’ Bheurla cuideachd, ach tha e comasach dhuibh a bhith a’ faicinn nan teachdaireachdan Gàidhlig a-mhain leis a’ cheangal seo:

http://www.ramsisle.com/rudysrants/?cat=7

no ’s urrain dhuibh an ceangal seo a chleachdadh airson “RSS Feed” Gàidhlig:

http://www.ramsisle.com/rudysrants?feed=rss2&cat=7

Tha fàilte romhaibh beachdan fhàgail an-seo. ‘S docha gum faic mi a dh’aithghearr sibh. :-)

Ruairidh (no Rudy)

Posted 2 years, 7 months ago at 9:29 pm.

10 comments