Rudy's Rants

Rudy Ramsey’s Rants and Ravings
  Next Post:

Mu mo Dheidhinn, ‘s mo Bhlog

Is mise Rudy Ramsey. Tha mi a’ fuireach ann am Parker, Colorado, anns na Staitean Aonaichte. Thoisich mi air Gàidhlig ionnsachadh o chionn mu dheich bliadhna. Tha coimhearsnachd bheag de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an-seo, agus innsidh mi dhuibh mu a deidhinn uaireagan.

Thug mise ‘s mo bhean turus a dh’Alba dhuinn fhìn ann an 1992, mar thiodhlac airson ar coig-air-fhicheadaimh ceann-latha posaidh. ‘S toil leum a radh gun do thachair mi ri ceòl ceilteach agus uisge-beatha air an turus sin, agus tha fiamh-ghàire air a bhith orm fad na tìde bho’n uair sin, ach chan eil sinn cinnteach de am fear dhiubh as adhbhar dha sin. :-)

Bha mi a’ seinn anns an fhras fad beagan bliadhnaichean, nuair a chur mi romham gun robh an t-àm air tighinn a bhith ga h-ionnsachadh gu fìor. Thoisich mi air leasanan ann an Gàidhlig a’ ghabhail, agus thoisich mi air seinn gu poblach. Cha robh e fada gus an robh mi a’ seinn (gu dona, tha mi cinnteach) ann am farpaisean, cuideachd.

Tha mi air a bhith gu math fortanach leis na tidsearan Gàidhlig agam (innsidh mi dhuibh mun deidhinn uaireigin), agus tha mi “fileanta” a-nis, ged a tha mòran, mòran agam ri ionnsachadh fhathast. Agus bidh mi a’ seinn ann am Mòd na h-Alba am-bliadhna, airson an darna turus. Bhuannaich mi Mòd Ameireagaidh ann an 2005, agus fhuair mi an darna àite ann an dà fharpais aig Mòd na h-Alba an-uiridh. Feuchaidh mi nas cruaidhe am-bliadhna. :-)

Tha mi an sas ann An Comunn Gaidhealach, America. Bidh mi a’ dol chun an deireadh-seachdainn bogaidh aca mar as àbhaist, agus chun a’ Mhòid, agus tha mi nam bhall ùr air bòrd nan stiùirichean. Ged a thoisich mi air Gàidhlig ionnsachadh airson a bhith a’ seinn orain ceilteach, tha i fhèin cudromach dhomh a-nis.

Tha mòran chuspairean eile anns a bheil uidh agam cuideachd, agus chan eil mi airson blog a dheanamh air direach aon dhiubh. Air an adhbhar sin, cuiridh mi “posts” an-seo anns a’ Bheurla cuideachd, ach tha e comasach dhuibh a bhith a’ faicinn nan teachdaireachdan Gàidhlig a-mhain leis a’ cheangal seo:

http://www.ramsisle.com/rudysrants/?cat=7

no ‘s urrain dhuibh an ceangal seo a chleachdadh airson “RSS Feed” Gàidhlig:

http://www.ramsisle.com/rudysrants?feed=rss2&cat=7

Tha fàilte romhaibh beachdan fhàgail an-seo. ‘S docha gum faic mi a dh’aithghearr sibh. :-)

Ruairidh (no Rudy)

Posted in Gàidhlig 17 years, 5 months ago at 9:29 pm.

10 comments

10 Replies

  1. Feasgar math Ruaraidh
    Chòrd e rium gu mòr a bhith gad leughadh. Ma thoisicheas tu a-riamh a sgrìobhadh blog gàidhlig a-mhàin dh’fhaodadh tu ga chur a-steach Tìr nam Blòg
    http://www.tirnamblog.com
    Bhiodh mòran daoine toilichte do chuid sgrìobhadh a leughadh, tha mi cinnteach às
    http://inbhirnarann.blogspot.com/

  2. admin Jul 7th 2007

    Tapadh leat, a Ghraisg, agus fàilte!

    Tha ceangail ann airson teachdaireachan ann an Ghàidhlig a-mhain fhaighinn. Seo e: http://www.ramsisle.com/rudysrants/?cat=7 . Bha mi’n dochas gum bitheadh sin gu leòr airson a bhith air liostaichean mar na th’agad. Nach eil?

    Ruairidh

  3. Madainn mhath Ruaraidh,
    Cuiridh mi a’ cheist sin air Cadalach, tha esan os cionn Tìr nam Blòg. Saoilidh mi gum biodh ach chan eil mi cinnteach ciamar a tha ‘aggregator’ a ruith le Rsl? agus a leithid sin.
    Tha e bog fluich a-rithist ann an Inbhir Narann an-diugh tha mi an dòchas gum bi aimsir beagan nas fheàrr agaibh thall an sin.
    Tioraidh

  4. admin Jul 8th 2007

    Tapadh leat, a Ghraisg.

    Seo an ceangail bhloig airson Gàidhlig a-mhain:

    http://www.ramsisle.com/rudysrants/?cat=7

    agus seo an ceangail RSS airson Gàidhlig a-mhain:

    http://www.ramsisle.com/rudysrants?feed=rss2&cat=7

    Ruairidh

  5. Feasgar math agus fàilte gu Tìr nam Blòg! Bidh mi an còmhnaidh toilichte nuair a bhios daoine ùra a’ nochdadh ann an TnamB. :-)

  6. admin Jul 8th 2007

    Tapadh leat, a Chadalaich. Tha mi toilichte a bhith anns a’ choimhearsnachd agaibh. :-)

    Ruairidh

  7. Chòrd e rium a bhith a’leughadh a’bhlog agaibh. Thòisich mise Gàidhlig ionnsachadh o chionn ceithir bliadhna ‘s tha mi a’fuireach ann an Juneau Alasga.

    Tha dùil againn a bhith a’tadhal a dh’Alba (airson a chiad turas) san Dàmhair ‘s sùil a thoirt air a’mhòid. Mar sin ‘s dòcha gum cothrom againn coinneachadh ri chèile.

    Chuck

  8. Tapadh leat, a Thearlaich. Tha do chuid Gàidhlig math airson ceithir bliadhna (leughaidh mi An Gaidheal Alascanach bho àm gu àm).

    Bidh mi a’ sealladh air adhart dhan cothrum a bhith gur coinneachadh.

    Ruairidh

  9. Uilleam_Ros Jul 20th 2007

    ‘Se Gaidhlig glé mhath a tha agad

  10. Tapadh leat, Uilleim, ach feumaidh mi aideachadh gu bheil e air bhith beagan cuideachadh agam. Gabhaidh mi leasanan bho Ghillebride MacIllemhaoil (a tha air leth math gu Gàidhlig, teagasg, agus seinn :-) . Bho àm gu àm, bidh sinn a’ bhruidhinn air rud air coireigin a sgriobh mi, mar eacarsaich. Agus rinn sinn sin leis am post seo.

    Tha mo chuid Gàidhlig a’ tighinn air adhart, co-dhiù. :-)

    Ruairidh


Leave a Reply

You must be logged in to post a comment.