Sgeulachd Bheag, Poileataigeach
Chunnaic mi an sgeulachd seo ann an litir “chain” a fhuair mi mar post-dealain (‘sa Bheurla) an-uiridh. Smaoinich mi gun robh e gu math èibhinn (ach is docha gu bheil am poileataics agaibh eadar-dhealaichte ). Rinn mi eadar-theangachadh, agus dh’innse mi an sgeulachd aig tachartas Gàidhlig no dhà.
Tha an sgeulachd sgriobhte fon-a-seo, ach nach èisdibh sibh ris an audio an toiseach?
Ruairidh
A Bheil Ceann-Suidhe Bush Ann?
Aon latha, anns a’ bhliadhna 2009, chaidh seann duine chun gheata air beulaibh an Taigh Ghil ann an Washington, D.C. Thuirt e “A bheil Ceann-Suidhe Bush ann? Tha mi ag iarraidh bruidhinn ris.”
Fhreagair an saighdear a bh’aig a’ gheata, “Chan eil e an-seo. Chan eil e ann tuilleadh.”
“Ceart, ma tha”, thuirt an seann duine, agus dh’fhalbh e.
An ath latha, chaidh an aon bhodach chun gheata aig an Taigh Geal, agus dh’fhaighneachd e, “Am faod mi bruidhinn ri Ceann-Suidhe Bush?”
Mar a thachair, bha an aon t-saighdear air a dhleastanas, agus fhreagair e, “Mar a thuirt mi riuibh an-dè, chan eil Maighstir Bush ann. Dh’fhàg e oifis a’ Chinn-Suidhe.”
“OK, ma tha”, thuirt am bodach, agus thug e a chasan leis.
Chaidh an ath latha, agus nach ann an nochd an aon duine aig a gheata, agus thuirt e, “Tha mi ag iarraidh comhradh le Ceann-Suidhe Bush”.
Uill, bha an saighdear a’ fas beagan feargach a-nis. Fhreagair e, “Thuirt mi riuibh ron-a-seo nach eil Maighstir Bush ann. Cha bhi e ann. Chan esan an Ceann-Suidhe tuilleadh, ‘s cha bhith esan a’ suidhe anns an oifis sin gu brath tuilleadh. Nach eil sin soillear dhuibh?”
“O, tha sin gu math soilleir dhomhsa,” thuirt an seann duine, “ach tha e cho math a bhith ga chluinntinn”.
Mar sin, sheas an saighdear direach, rinn e nochdach-urraim, agus thuirt e “Chi mi a-maireach sibh.
“Tha an sgeulachd sgriobhte fon-a-seo, ach nach èisdibh sibh ris an audio an toiseach?”
Tha mi ‘creidsinn nach oibrich an audio. Nan d’oibrich, dh’eisdinn.